[International Celtic Congress]  The International Celtic Congress Home
 

 
Lógó na Comhdhála Ceiltí

A’ Chòmhdhail Cheilteach:
Meur na h-Alba

(Text in English)

’S e comunn foghlaim agus cultair a th’anns a’ Chòmhdhail Cheilteach Eadarnàiseanta: ’s e bun-bheachdan agus dualchasan agus cànainean nam pobull Ceilteach uile a neartachadh a tha fainear don chomunn seo. Tha meur dheth anns gach aon dhe na dùthchannan Ceilteach: tha na buill a’ coinneachadh gach bliadhna gus beachdachadh còmhla ri chèile air na nithean anns a bheil ùidh aca agus air na nithean a tha a’ cur dragh orra. Tha a’ cholabhairt seo ga cumail anns gach dùthaich ma seach, le cuspair ro-ainmichte.

A’ Còmhdhail Cheilteach (Alba)

  • a’ leantainn ri amasan a’ chomainn eadarnàiseanta dom buin i.
  • a’ cur taice ri leasachadh na Gàidhlig agus a dualchais.
  • a’ togail ùidh anns na cànnainean agus na dualchasan Ceilteach eile.
  • a’ neartachadh cheanglaichean ri Ceiltich eile, sa’ Bhreatainn Bhig, sa’ Chòrn, sa’ Chuimrigh, an Eilean Mhanainn, agus an Eirinn.
  • a’ toirt àite sonraichte do dh’fhoghlam.
  • a’ misneachadh òigridh gu bhith a’ gabhail pàirt anns na thàtar a’ cur air adhart.
  • a’ cur taice ri comainn eile aig a bheil na h-aon amasan.
  • a’ cur air chois chèilidhean, chuirmean-ciùil eadar-Cheilteach agus a leithid sin, gus an dualchas a neartachadh agus gus ionmhas a thogail.
  • a’ cumail fiosrachaidh ris na buill gu cunbhalach le cuairtlitir.
’Se buidheann carthannais a th’anns a’ Chòmhdhail Cheilteach (Alba): chan eil i a’ gabhail gnothaich ri cùisean poiliticeach no ri cùisean creideimh.

Chan eil e gu diofar dè ’n aois a tha thu -- no co dhiù tha thu fileanta sa’ Ghàidhlig gus nach eil -- BIDH FÀILTE ROMHAD!


Lógó na Comhdhála Ceiltí

Alba
Christine Mac Kay
Membership Secretary, Alma, Cullipool, Isle of Luing, Oban, Argyll PA34 4TX, ALBA


Go to the Celtic Congress index.
Text and images ©1995-2009 Evertype